Decorative bar

Taigh mo Sheanmhair

Bàrdachd Maireadh Ramsaidh

Granny's House painting


Taigh mo Sheanmhair painting by Mairead Ramsay (click to enlarge)

Decorative bar

 
Air chuairt anns a’ bhus a‘ dol dhan Chars,
Àireamh a-sia air rathad Loch Aillse,
‘Taigh na Seilich’, le geata uaine ,
Balla geal air a pheantadh le tulchann uaine.

Suas an staidhre dhearg sinn a’ dol gu luath,
A’ cur ar corragan air a’ chloich shona,
An seo aig taigh mo sheanmhair tha e math,
A’ gnogadh air an deagh dhoras brèagha.
 
“ Bon Accord “ tha an clagan ag ràdh,
Math dha-rìreabh airson triùir bheaga,
Seanair is seanmhair gu math,
“ Dè tha dol? “ A h-uile duine le gàire.

A’ leumadaich coltach ri laoigh is uain,
A’ fosgladh phreasaichean a dh’ fhaighinn ulaidhean,
An uair sin letheach shuas an staidhre,
Ag èigheach le deagh fheum ar guthan aig àrd ìre.
 
Air cùlaibh na cèis Raibeart buidhe,
Cho mìorbhaileach ri ban-sìthiche,
Cuir a’ ghlainne suas, bi faiceallach,
Slìob na h-itean, bi sàmhach.

A’ ruith suas bhon t-seilear dhorcha,
Dà chois aig an aon àm air an staidhre,
Fosgail a’ chlòsaid airson rud sam bith,
A’ cluich spùinneadairean-mara, ar beatha ‘s ar bith.

 
Uamh ghorm cuibhrig, sinne a-staigh,
Cuir an ‘Teasmaid’ aig uairean tràth,
Curlairean seanmhair nar falt,
A’ lorg poit-mhùin seanair na ionad.

A’ deanamh robot de bhucaid phàipeir,
Agus briogais ghoirid gun tòn innte,
An uair sin sìos an cùl, sinne nar ruith,
A-nis dè mu dheidhinn spòrs a-muigh?  
    
Anns an taigh bheag, ar dachaigh ga togail,
A’ cluich falach-fead as dèidh sin sgiobailt,
Le cùirtearan, bratan agus lampa ola-mhòr,
Cha bhi sinn a’ faicinn na poit mòire.

Dealan-dè agus coileach peucaig,
A’ dannsa air na sitheanan gàraidh,
Ròsan is flùraichean le comasan dìomhair,
A’ cur gaoth anns na beàrnan-Brìde.
    
 “ Ho”. An robh sibh a’ cluinntin dad?
Airson dà dhiog a’ chluich a’ stad,
Far mullach a’ phreas gheibh sinn suiteis,
Tha sinne math air rudeigin milis.


“ A bheil sibh ag iarraidh srùbag a' nis? ”
Cuir an coire air an stòbh a rithist,
Ceapairean blasda làn de shilidh,
Cèic, bonnach no aran milis.
    
Air an truinnsear briosgaidean còta-bàn,
Gu leòr coltach ris na builleannan arain is èisg,
Glainne gach duine de ‘Vimto’ no sùgh,
No am b’ fheàrr leat ‘ Irn Bru’.

An uair sin a’ dol dhan t-seòmar-suidhe,
A’ cluich còmhla ri Granda greis ùine,
Tàileasg dha mhealltairean agus cairtean dha chealgairean,
Ceòl piana airson triùir dhannsairean .
  Teine mònadh ga thogail a’ ròstadh ar casan,
Breacan a’ peantadh ar lurgannan,
Gleoc mhòr an siud bho Aimearaga,
Bha i na craobh o chionn fhada.

A’ cluinntinn uaireadair pòcaid Seanair,
“ Obh! Mo chreach ! Seall an uair”
“ Thoiribh an leabaidh oirbh.Tha e anmoch air an oidhche”
Smaoinich sinn gun robh sin gasda.
     Pigichean teth ann an gùintean-oidhche,
Bidh ar casan blàth san t-seòmar,
Leanabhan salach, air ar nighe gun uisge,
Botail is badain anns gach àite.

Is toigh leotha ar cur sa chuibhrig mhìn,
Le sgeulachdan bho na bràithrean Grimm,
A dh'aighearr uile nar cadal boidheach,
Ach gun chlann ann nach eil e ro shàmhach ?
Decorative bar